Jam nan Gàidheal 2015

Thig Gàidheil na h-Albann Nuaidhe de gach aois cruinn còmhla ann am Màbu, Ceap Breatainn fad còig latha sa Chèitean seo tighinn, agus obraichidh iad còmhla gus cànan is cultar nan Gàidheal ann an Albainn Nuaidh a neartachadh. Bidh deagh chòmhradh agus spòrs gu leòr ann, agus fàsaidh an fheadhainn a bhios ann eòlach air a chèile agus air a’ choimhearsnachd às ùr. ’S e seo an treas bliadhna a chaidh Jam nan Gàidheal a chumail ann an Albainn Nuaidh, agus tha an sgioba aig ceann a’ chruinneachaidh air leth taingeil gun do chuir an Comunn Gàidhealach Ameireaganach taic airgid ris am-bliadhna.

Ma tha sibh airson tuilleadh fiosrachaidh mu Jam nan Gàidheal fhaighinn, nach cuir sibh sùil air an làrach-lìn: http://novascotiagaelsjam.com/

Gaels Jam 2015

Nova Scotian Gaels of all ages will come together in Mabou, Cape Breton for five days this May to work together to strengthen Gaelic language and culture in Nova Scotia. There will be good conversation and lots of fun, and participants will get to know each other and their community in a new way. This is the third annual Gaels Jam in Nova Scotia, and the team directing the gathering is very thankful for the financial support of the American Scottish Gaelic Society this year.

If you would like more information about the Gaels Jam, please have a look at the website: http://novascotiagaelsjam.com/