University Scholarships
Bursaraidh/Sgoileareachd Airson Oileanach Gàidhlig Làn-Ùine
Tha sinn an dùil gach bliadhna, a’ tòiseachadh
anns a’ bhliadhna acadaimigich 2008-2009, gum bi An Comunn
Gàidhealach Ameireaganach (ACGA) a’ tairgsinn aon
bhursaraidh fiach $2,000 USD dha oileanach oilthigh.
Có
tha airidh air a’ bhursaraidh seo fhaighinn? Duine a bhitheas
‘na oileanach làn-ùine aig oilthigh (no a leithid) a
bhitheas a’ togail na Gàidhlig (no modhan airson Gàidhlig
a theagasg) anns a’ mhór-chuid dhe na clasaichean aige/aice
no a bhitheas ag ionnsachadh caochladh de chuspairean troimh mheadhan
na Gàidhlig gu léir. Gu mi-fhortanach, cha bhi sinn a’
gabhail ri iarrtasan ach bho dhaoine à Ameireaga a Tuath aig
an toiseach.
Ciamar a chuireas mi m‘ainm a-steach airson
ur beachdachadh? Cuireadh thugainn na rudan seo ron chead latha
den Mhàrt, 2008:
-
Ur n-ainm, seòladh-puist, aireamh-fón, agus seòladh-post-dealain.
-
Clàr oifigeach dhe na comharraidhean a fhuair sibh ‘san oilthigh gu ruige seo, no, mura deach sibh a-steach dhan oilthigh fhathast, na comharraidhean a fhuair sibh ‘san àrd-sgoil.
-
Trì litrichean bho dhaoine a tha eòlach oirbh. Feumaidh dà litir a bhith sgrìobhte ‘sa Ghàidhlig ‘gur moladh a thaobh ur cuid Gàidhlig agus an treas litir ‘gur moladh a thaobh ur nàdur. Faodaidh an litir mu dheireadh sin a bhith sgrìobhte ‘sa Bheurla no ‘sa Ghàidhlig. Bhitheadh e feumail dhuinn nan cuireadh iadsan an àireamh fòn aca ‘sa litir.
-
Pìos bhuaibhse sgrìobhte ‘sa Ghàihdlig a’ mìneacheadh ciamar a thàinig sibh do shaoghal na Gàidhlig agus gu dé tha sibh an dùil a dhèanamh as deoghaidh dhuibh ceumnachadh. Dé am math a thig do shaoghal na Gàidhlig bho’n fhoghlum air a bheil sibh a-nis an tòir?
-
Pìos bhuaibhse sgrìobhte ‘sa Bheurla no ‘sa Ghàidhlig a’ mìneacheadh ciamar a gheibheadh sibh an còrr dhen airgead airson ur cuid foghluim a thuilleadh air an airgead a bhiodh sibh a’ faighinn bhuainne.
-
Litir bhon oilthigh a tha sgrìobhte ‘sa Ghàidhlig ag ràdh gu bheil sibh no gum bi sibh ‘nur n-oileanach anns an ionad foghluim aca aig an àm sin.
Bithidh an t-Ollamh Heather Sparling a’ faighinn na h-iarrtasan seo. Faodaidh sibh sgrìobhadh thuice aig:
Heather Sparling, PhD
Assistant Professor, Ethnomusicology
Dept of Heritage & Culture
Cape Breton University
1250 Grand Lake Road
Sydney, NS B1P 6L2
no aig post-dealain heather_sparling@cbu.ca
Feumaidh na litrichean-molaidh (nì #3) agus an litir bho’n oilthigh (nì #6) a bhith ‘gan cur tron phost leis an fheadhainn a sgrìobh iad. Faodaidh sibh fhéin na rudan eile (nìthean #1, 2, 4, 5) a chur tron phost no tron phost-dealain mar as fheàrr leibh.
Dé an clàr-ama airson m’ainm a chur a-steach agus brath fhaighinn bhuaibhse?
Feumaidh sibh sgrìobhadh thugainn ron chiad latha den Mhàrt 2008. Nì sinn co-dhùnadh roimh dheireadh a’ Chéitein.
Ma théid mo thaghadh airson a’ bhursaraidh seo, cuin a bu chòir dùil a bhith agam an t-airgead fhaighinn? Tha am bursaraidh seo airson oideachadh a-mhàin. Mar sin dheth cha bhi sinn a’ toirt seachad airgead dhan oileanach fhéin, ach bithidh sinn ‘ga chur chun oilthigh a-réir nan riatanas a th’aige. Aon rud cudthromach: ma thachras ‘s nach téid sibh ann mar a bha dùil, no mur cuir sibh crìoch cheart air a’ bhliadhna acadaimigich sin, feumaidh an t-oilthigh am bursaraidh a thilleadh dhuinn (no uiread mar is còir) ma bhitheas còrr ann ri tilleadh.

