Fàilte gu Guth nan Gàidheal!

GNG logo

Fàilte gu Guth nan Gàidheal!

’S e Guth nan Gàidheal (GnG) earrann-phrògramaidh Eadar-lìn anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla ag amas air cànan nan Gàidheal agus an dualchas ceangailte ris a bhrosnachadh.

Tha An Comunn Gàidhealach Ameireaganach (ACGA) na goistidh airson an earann-phrògramaidh seo còmhla ri buidheann rèidio Eadar-lìn Hard To Port (HTPR) ann am Baltimore. Bidh HTPR ga sgaoileadh mar phàirt den chlàr abhaisteach aca.

Thèid na prògraman a sgaoileadh gach ceala-deug air oidhche Mhàirt (EST) agus a-rithist moch sa mhadainn air larna-mhàireach airson luchd-èisdeachd san Roinn Eòrpa.

‘S e an t-amas caochladh de phrògraman a thoirt dhut a bhios tarraingeach do luchd-fìleanta agus luchd-ionnsachaidh le chèile. Bidh ceòl, naidheachd, agus cnacaireachd air an tairgsinn san dà chuid Gàidhlig is Beurla ach am faigh cànan is cultar nan Gàidheal taic.

Ach tha GnG fada nas motha na seo!

Mar oidhirp shaor-thagraicheach, tha sinn a’ toirt cuireadh don luchd-èisdeachd againne an comasan-prògramaidh fhèin a chleachadh. Cuiridh sinn fàilte air do phàirteachas o mholaidhean gu obair-dealbhachaidh. Bu mhiann leinn gun robh thusa an sàs. Nach cuidich sinn a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh?

Cuir sùil air na h-aistean air an làrach-lìn seo mu dheidhinn nan dòighean a dh’fhaodas tu pàirt a ghabhail.

A’ cumail na Gàidhlig Beò!

 

Welcome to Guth nan Gàidheal!

Guth nan Gàidheal (GnG) is a volunteer-run block of Scottish Gaelic and English Internet Radio programming, focusing on the Scottish Gaelic langauge, and the culture associated with it.

GnG is brought to you by An Comunn Gàidhealach Ameireaganach (The American Scottish Gaelic Society, aka ACGA) in association with Hard To Port Internet Radio (HTPR) in Baltimore which will carry the programming as a part of its normal schedule.

The programming is broadcast once every two weeks during a Tuesday evening (US/Eastern time, starting in January 2015) with an encore presentation in the early hours of the following day for listeners in Europe.

The aim is to bring you a selection of programs which will appeal to fluent speakers and learners alike with music, news and chat in both Gaelic and English, but all with a view to supporting the Gaelic language and culture.

But GnG is about more than this!

As a volunteer effort, we invite our listeners to apply their own talents to program production, and we welcome your participation; from program suggestions to program production! We want YOU to get involved in helping to promote the Gaelic language!

Check out the articles on this website, about how you can get involved!

A’ cumail na Gàidhlig Beò – Keeping Gaelic Alive!